'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Dalarnas län (Suomais: Taalainmaan lääni). Tha i na laighe air na crìochan le Nirribhidh, ann am meadhan na dùthcha, gu deas air Gävleborgs län agus Jämtlands län. 'S e Falun a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1634. Sìnidh Dalarnas län fad 28,188.8km² agus tha 276,770 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an ceathramh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an ochdamh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 15 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Borlänge, Falun, agus Mora nam measg.