'S e provincia na Spàinne a tha ann an Castelló (IPA: kasteˈʎo, Spàinntis: Castellón). Tha e na laighe ann an Co-chomann València, air an àirde an ear na dùthcha. 'S e Castelló de la Plana a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh València i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Castelló fad 6,632km²[3] agus tha 604,344 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 38mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 27mh tè a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Tarragona, Teruel, agus València.[5] 'S e Spàinntis, Catalanais a tha gam bruidhinn an seo.