Cànanan Slàbhach
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S iad cànanan Innd-Eòrpach a tha ann an cànanan Slàbhach. Thathar gan roinn air trì buidhnean: Cànanan Slàbhach an Iar, Cànanan Slàbhach an Ear agus Cànanan Slàbhach a Deas. Thathar gam bruidhinn san Roinn-Eòrpa an Ear agus ann an Àisia an Ear-thuath. Tha mu 290 muillean daoine gam bruidhinn. Tha cuid aca a' cleachdadh caochlaidhean den aibidil Cirillich agus an cuid eile caochlaidhean den aibidil Ròmanaich.