Eun
From Wikipedia, the free encyclopedia
’S e beathach blàth-fhuileach iteagach sgiathach a th' ann an eun. Bho chionn fhada ann am mean-fhàs nan eun, chaidh an casan-toisich nan sgiathan agus tha a' chuid as motha dhiubh comasach air itealachadh. Ach tha feadhainn mòra ann nach urrainn dhol air iteig, mar eisimpleir: sruth (ostraids) agus emu. Sìolaichidh iad le bhith cur uighean.
Eun | |
Comhachag-shneachda, Bubo scandiacus | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Fìleam | Chordata |
Clas | Aves |
Fo fhìne | Vertebrata |
Roinn | Aves (Linnaeus, 1758) |
'S iomadh seòrsa a th' ann. Gheibhear eòin fala mar an iolaire, no eòin na doimhne mar am bura bhuachaill no am buthaid. Gheibhear eòin sgrìobaidh leithid an fheannag no am fitheach; eòin ceileiridh leithid an liath thruisg no an sgiath dhearg agus gheibhear eòin na tràghad, na trìleachain 's na feadagan.