Gdańsk
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr agus port[1] uabhasach cudromach ann an ceann a tuath na Pòlainn a th’ ann Gdańsk (IPA: 'ɡdaɲsk, Gearmailtis: Danzig, Caisiubianis: Gduńsk). Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 999. Tha e suidhichte aig beul na h-Aibhne Motława, far a sruthas e dhan bhàgh Gdańsk anns a’ Bhaltach, 280km air falbh bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha agus 482km bho Kraków.[2] Tha 455,830[3] daoine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin agus 865 799 eadar na trì bailtean a tha ri-chèile (Pòlais: Trójmiasto), Gdańsk, Gdynia agus Sopor, is le sin ‘s e an 4mh baile as motha na dùthcha a th’ann.[4]
Gdańsk
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Phòlainn | ||||
Ceàrn | Gdańsk | ||||
Sgìre | Pomoskie | ||||
Co-chomharran | 54° 22’ Tuath 18° 38′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 262 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 461,489 (2014) | ||||
Dlùths | 1,761.41/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 48) 58 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.gdansk.pl/ |