Inbhir Theòrsa
From Wikipedia, the free encyclopedia
An dàrna baile aig Gallaibh, tha Inbhir Theòrsa[1] air oirthir a tuath na h-Alba beagan mhìltean an iar air Taigh Iain Ghròt. 'S e am baile nas tuaithe a tha ann air tìr-mòr na h-Alba, 20 mìle bho Inbhir Ùige, am baile nas fhaisge. Chìthear Arcaibh bhon bhaile. Tha Abhainn Theòrsa a' sruthadh tron bhaile agus gheibhear mòran bhradain ann[2].
Inbhir Theòrsa | |
Sealladh air Inbhir Theòrsa | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Gallaibh |
Co-chomharran | 58° 35′ 45.6″ Tuath 3° 31′ 15.6″ Iar |
Comharradh-clèithe | ND115685 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 7,933 (2011) |
Àireamh fòn | 01847 |
Còd-puist | KW1 |
Bha am baile na phort cudromach bho linn nan Lochlannach chun an 19mh linn. Tha pàirt den bhaile, eadar Davidson‘s Lane is Shore Street agus eadar Duncan Street is an abhainn na raoin-ghlèidhteachais[3].
Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Inbhir Theòrsa anns a’ bhliadhna 2010.