Linn Giùdain
From Wikipedia, the free encyclopedia
’S e Linn Giùdain no Linne Giùdain no Linne Foirthe a theirear ris an sgìre mara air taobh sear na h-Albann eadar Fiobha san àird a tuath agus Lodainn san àird a deas. Tha i a’ sìneadh bho Uisge For san àird an iar gu ruige an Cuan a Tuath san àird an ear. Tha i gu math trang, le aiseagan, bàtaichean-ola, agus an Cabhlach Rìoghail ga cleachdadh.
Bha Balla Antonine balla àrsaidh Ròmanach a' ruith eadar Linne Chluaidh agus Linn Giùdain.