Bha Magus Maximus (Macsen Wledig anns a’ Chuimris, mu 335 - 388) na cheannard air taobh an iar na h-Ìompaireachd Ròmanaich eadar 383 agus a bhàs anns a’ bhliadhna 388. Rugadh e sa Spàinn agus chaidh e a stèidheachadh mar ìompaire leis an arm fhad 's a bha e air dleastanas ann am Breatainn. Rinn e a’ chùis air a phrìomh nàmhaid Gratianus faisg air Pairios agus chaidh a mharbh ann am blàr ann an Lyons air an 25 Lùnasdal 383. Thog Magnus Maximus prìomh bhaile Augusta Treverorum (Trier anns a’ Ghearmailtis) agus bha e na Chrìosdaidh.
Quick Facts Impire na Ròimhe, seanadair Ròmanach ...