Medellín
From Wikipedia, the free encyclopedia
Medellín (Spàinntis: IPA:[með'eˈʝin] neo [með'eˈʎin]), gu h-oifigeil Municipio de Medellín (Spàinntis) neo Baile Medellín. 'S e an dàrna baile as motha ann an Coloimbia a th' ann. Tha e suidhichte ann an Antioquia anns A' Ghleann Aburrá, fear dhe na gleanntan as fhaide air thuath na h-Andes ann an Aimearaga a Deas,[1] 414km air falbh bho Bhogotá.[2] Tha sluagh dhe 2.4 muillean aige.[3][4] 'S e an dàrna tuineachadh as motha ann an Coloimbia a rèir an t-sluaigh a th' ann, le a barrachd air 3.2 millean duine, san àite 95 eadar na bailtean as motha na cruinne, ma thoirear a-staigh an sgìre mu a thimcheall, Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín (Area Metropolitana de Medellín).
Medellín
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Sgìre | Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá) | ||||
Àirde | 1538m | ||||
Co-chomharran | 6° 14′ 9.33″ Tuath 75° 34′ 30.49″ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 382 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 2,223,078 (2005) | ||||
Dlùths | 5,819.58/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Mhedellín |
Chaidh Medellín a stèidheachadh ann an 1616 leis an Spàinnteach Francisco Herrera Y Campuzano mar El Poblado de San Lorenzo (Tuinneachadh Naoimh Lawrence) anns an sgìre ris an canar El Poblado gus an-diugh. Ann an 1675 stèidhich A' Bhanrìgh Companach Mariana na h-Ostaire am Villa de Nuestra Señora de la Candelaria ("Baile Naoimh Mhàiri à Chandelaria").
Ann an 1826 chaidh am baile ainmeachadh mar phrìomh-bhaile na Roinne Antioquia le ùghdarrasan co-àiteachail na Spàinne. Ann an 1803 chaidh an Oilthigh Antioquia a stèidheachdh agus 's e aon dhe na h-oilthighean as buaidheach ann an Coloimbia a th' ann. An dèidh do Choloimbia an neo-eisimeileachd bhon Spàinnt a bhuanachadh, bha Medellín na phrìomh-bhaile na Stàit Feadaral Antioquia gus 1888, le èigheachd Bun-Reachd na Coloimbia ann an 1886. 'S e làrach malairteach fiùghantach bh' ann am Medellìn rè na 19mh linne, tro as-mhalairt an òir aig an toiseach, agus an uair sin tro chinneasachadh agus as-mhalairt a' chofaidh. An dèidh Cogadh na Mìle Làithean (1899 — 1902), 's e Medellín a' chiad bhaile ann an Coloimbia a ghabh pàirt anns an Tionndadh Gnìomhachais le stèidheachadh companaidhean a' chlòtha, agus pròiseactan còmhdhail mar an trèana, a mhisnich as-mhalairt, agus stèidheachadh iomadh oithighean agus sgoiltean dreuchdail, is iad a chruthaich Bùirdeasachd bheag.
Anns a' ceathramh mu dheireadh na 20mh linne, bha prìomh àros Pablo Escobar maslach ann am Medellín, ceannard buidheann mhòr eucoirich, a bha an seachdamh duine a bu bheairte san t-saoghal tro mhalairt dhrogaichean, a-rèir aithisg bho Iris Forbes ann an 1989.[5] 'S e "Cairteil a' Mhedellín" an t-ainm a chuir na meadhannan anns na Stàitean Aonaichte oirre, a chionn 's gun do stèidhich esan agus a chuid chompanaich an gnothach ann am Medellín.[6] Stiùireadh Escobar cogadh ceannaircich an aghaidh Riaghaltais Choloimbia rè na 80an agus na 90an, ann an cuid gus nach fheuch na h-ùgharrasan ri a thoirt air falbh gu na Stàitean Aonaichte e. Chaidh e a mharbhadh le feachdan Phoilis Choloimbia 2 an Dùbhlachd, 1993.
Fhuair am baile a chuid fhiùghantais gnìomhachasail air ais aig toiseach na 21mh linne, le togail siostaim treànaichean ris an canar Metro de Medellín, agus le polasaidhean leasachaidh na bu shaoire, adhartasan anns an tèarainnteachd agus anns an fhoghlam, agus tro bhrosnachadh a' bhaile aig ìre eadar-nàiseanta mar cheann-uidhe turasachd.
Bheir Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín gu buil 67% an Làn Thoradh Dùthchail aig Antioquia agus 11% eaconomaidh Choloimbia.[7] 'S e roinn chudromach a th' ann am Medellín a thaobh oilthighean, sgoiltean treànaidh, malairte, gnìomhachais, saidheans, seirbheisean na slàinte, àiteachas-flùraichean, fèisean, taighean-seinnse agus clubaichean.