Poznań
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr cudromach air an àirde an iar na Pòlainn a th’ ann Poznań (IPA: 'pɔznaɲ, Gearmailtis: Pozen, Ruiseis Познань, Iùdais: פּױזן neo Poyzn, Laideann: Posnania). ‘S ann às a’ ghnìomhair poznać ('aithneachadh') ann am Pòlais a tha an t-ainm. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1253. Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Warta, a shìos bho dheas gu tuath, tron srath Warta, aig 50m os cionn ìre na mara.[1] Tha 551,627 dhe dhaoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[2] Tha Poznań 51km air falbh bho Lublin, 245km bho Kraków, 394km bho Gdańsk agus 110km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] A bharrachd air sin, ‘s e an 6mh baile as motha na dùthcha a th’ann.[4]
Poznań
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Phòlainn | ||||
Ceàrn | Saor-bhaile Phoznań | ||||
Sgìre | Wielkopolska | ||||
Co-chomharran | 52° 24′ 00 Tuath 16° 55′ 00 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 261.91 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 545,680 (2014) | ||||
Dlùths | 2,083.46/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 48) 61 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.poznan.pl/ |