Ròn cumanta
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e mamal a tha ann an ròn cumanta (Phoca vitulina) a bhuineas don teaghlach Phocidae. Canar ròn calaidh ris cuideachd, ged nach eil iad rim faicinn cho tric ann an calaidhean mar a tha an ròn glas. Tha an ròn cumanta aithnichte mar ròn-mulbhach cuideachd ann an Gàidhlig[2] no rasmhaol.[3] Channadh "tang fish" ris ann an Sealtainn air sgàth 's gun bheil iad rim faicinn am measg an "tang" (feamainn).
More information Ainm saidheansail, Phoca vitulina Linnaeus, 1758 ...
Ròn cumanta | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Fìleam | Chordata |
Clas | Mammalia |
Òrdugh | Carnivora |
Gèineas | Phocidae |
Spèiseas | P. vitulina |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Phoca vitulina Linnaeus, 1758[1] | |
Close
Tha an t-ainm saidheansail Phoca vitulina a' ciallachadh "laogh sultmhor". Tha am facal phoca a' tighinn bhon fhacal Ghreugach "phoce" (sultmhor) a thàinig bhon fhacal Sanskrit "spha" (reamhar). Tha am facal Laideann "vitulus" a' ciallachadh laogh.