Ruairidh MacMhuirich "An Clàrsair Dall"
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e bàrd a bh' ann an Ruairidh MacMhuirich (mu 1646 - mu 1713), neo 'An Clàrsair Dall' mar a chanas iad ris. Rugadh e ann am Bràgar, Leòdhas, mu 1646. Dh'fhàg tinneas dall e nuair a bha e fhathast san sgoil (ghabh e a' bhreac). Dh'ionnsaich e clàrsach agus fhuair e trèanadh ann an Èirinn cuideachd. Nuair a thill e a dh'Alba, bha e a' siubhal na dùthcha is a' cluich na clàrsaich. Nuair a thachair e ri Iain Breac MacLeòid, ceann-cinnidh nan Lèodach, bha e na chlàrsair aig Caisteal Dhùn Bheagain. Bha Pàdraig Òg MacCruimein na phìobaire aig a' Chaisteal aig an àm seo. Mu 1688, thàinig sgaradh eadar Iain Breac agus Ruairidh agus às dèidh sin, dh'imrich Ruairidh a Ghleann Eilge. Mu 1700, thòisich e a' siubhal na dùthcha a-rithist. A rèir choltais, thill e dhan Eilean Sgitheanach aig deireadh a bheatha. Chaochail e mu 1713 agus a chaidh a thiodhlacadh anns an Eilean Sgitheanach.
Ruairidh MacMhuirich "An Clàrsair Dall" | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Bràgar, 1646 |
Dùthaich | Rìoghachd na h-Alba |
Bàs | 1713 |
Foghlam | |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
Gnè ealain | bàrdachd |
Inneal-ciùil | clàrsach |