Erfurt
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr faisg air Gotha ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann am Erfurt (IPA: 'ɛʁfʊʁt). ‘S ann às na Thuringii, seann treubh Gearmailteach a bha nan tàmh an seo mu 500 a th' ann an ainm ach chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas mar Erphesfurt ann an sgrìobhainn eaglaise ann an 742. Tha e suidhichte aig 200m os cionn ìre na mara anns an t-srath Thüringen, ri taobh na h-aibhne Gera, anns an stàit Thüringen agus ‘ e prìomh-bhaile na stàite a th' ann cuideachd. Tha am baile 236km air falbh bho Bherlin agus 100km bho Leipzig.[1] ‘S e Kreisfreie Stadt neo baile neo-eisimeileachd a th’ ann agus tha dà oilthigh an seo, am Fachschule agus Oilthigh Erfurt. Tha 202,929 dhe dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an 37mh baile as motha na dùthcha.[2] Tha am Pàirc Nàdarra Steigerwald dìreach ann an ceann a deas a’ bhaile.[3]
Erfurt
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Erfurt | ||||
Sgìre | Thüringen | ||||
Co-chomharran | 50° 59 00' Tuath 11° 02′ 00 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 269.17 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 202,929 (2007) | ||||
Dlùths | 753.91/km² | ||||
Àireamh fòn | 0361 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.thueringen.de |