Am Baisteir
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e beinn anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach a tha anns A' Bhaisteir. Le 934m a dh'àirde 's e Beinn Rothaich a th' ann, agus tha e eadar Sgùrr nan Gillean agus Bruach na Frìthe. Gheibhear suas gu furasta tro Choire a' Bhaisteir agus druim an ear na beinne. Ge-tà tha pìos ghoirid de shreap sìos doirbh ann. Ruigear am mullach cuideachd le bhith a' streap suas fiacail a' Bhaisteir agus dhan mhullach bho sin.
Am Baisteir | |
---|---|
Am Baisteir | |
Àirde (m) | 934 |
Àirde (tr) | 3064 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | An t-Eilean Sgitheanach |
Sreath bheanntan | An Cuiltheann |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 32 |
Comharradh-clèithe | NG46572530 |
Cha robh ciall an ainm an còmhnaidh soilleir agus tha co-dhiù dà mhìneachadh ann. Dh’eadar-theangaichear Am Baisteir gu tric mar “executioner” (bhon fhacal “bàsadair”) ach feumar ràdh gur e “crochadair” [1]a th’ ann an “executioner”. Tha Dwelly a’ moladh “baptiser” airson Baisteir agus sin am mìneachadh as cumanta airson an ainm sin an-diugh. Ma chìthear cruth an sgùrra tha an dà mhìneachadh coltach. Tha creag mhòr gu h-ìosal den mhullach a tha biorach agus air a bheil cruth iongantach. Chithear sin mar làmhag a’ chrochadair no mar cheann sagairt [1] a’ cromadh gu leanaibh airson a bhaisteadh.