'S e provincia na Spàinne a tha ann an Ciudad Real (IPA: θjuˈðað reˈal). Tha e na laighe ann an Castilla-La Mancha, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Ciudad Real a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla la Mancha i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Ciudad Real fad 19,813km²[3] agus tha 530,175 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an treas roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 30mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochan aice le Albacete, Cáceres, Córdoba, Cuenca, Jaén agus Toledo.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.