Contae Chill Mhantáin
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Chill Mhantáin[1] (tuiseal ainmneach: Cill Mhantáin).[2] Tha e suidhichte ann an àirde an ear na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 136,640 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,025km²,[3] an 13mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 16mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Chill Mhantáin le Contae Átha Cliath, Ceatharlach, Cill Dara, agus Loch Garman.[4] Bha 126,143 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Log na Coille (925m) a th' ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]
Contae Chill Mhantáin | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Èirinn |
Còigeamh | Còigeamh Laighean |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,025 km² |
Àireamh-shluaigh | 136,640 () |
Dlùths | 67.48/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |