Darach neo-ghasagach
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e craobh a th' ann an darach neo-ghasagach[1] (Laideann: quercus petraea/sessiliflora[2]). Tha e aithnichte mar "sessile oak", "Cornish oak" no "Durmast oak" sa Bheurla. Tha e a' fàs gu nàdarra air feadh na Roinn-Eòrpa is Ioràn.
Darach neo-ghasagach | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Plantae |
Clas | Eudicots |
Òrdugh | Fagales |
Teaghlach | Fagaceae |
Gèineas | Quercus |
Spèiseas | Q. petraea |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Quercus petraea (Mattuschka) | |
'S e an darach neo-ghasagach a' chraobh nàiseanta na Cuimrigh.[3] Mar a tha an t-ainm Cornish oak a' sealltainn, tha e na chraobh nàiseanta Còrnach cuideachd.[4][5]
Canar gun robh am "Pontfadog Oak" an darach neo-ghasagach a bu shine anns an Rìoghachd Aonaichte. Dh'fhàs e faisg air Y Waun ann an Cuimrigh a Tuath. Thathar dhen bheachd gun robh e na bu shine na 1,200 bliadhna a dh'aois. Bha cearcall-thomhas de 42 troigh 5 òirlich (12.9 m) aig an stoc-craoibhe agus bha toll anns an stoc-craoibhe. Chaidh i a leagail leis a' ghaoith sa Ghiblean 2013. [6]