Dealan-uisge
From Wikipedia, the free encyclopedia
Tha dealan-uisge ainmichte airson na cumhachd-uisge a tha ga ghintinn. Cruthaichear dealan le inneal air a bheil gineadair. Tha gineadair coltach ri motor-dealain[1] (anns a bheil sruth dealain ri caradair a bheir air feàrsaid toinneamh) ach ann an gineadair, tionndaidhear feàrsaid a' ghineadair le inneal eile agus thig sruth dealain às a' ghineadair ri linn. Mas e rothadair neo cuibhle uisge an t-inneal a thionndaidheas an gineadair, theirear "dealan-uisge" ris an dealan.[2]