Salamanca
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr eachdraidheil air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann an Salamanca (IPA: salaˈmaŋka, Fraingis: Salamanque, Laideann: Salamantica). Tha e suidhichte aig 795m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-Aibhne Tormes, anns an Sgìre (Spàinntis: Provincia) Salamanca fhèin, anns a’ Choimearsnachd le Fèin-riaghladh (Spàinntis: Comunidad Autónoma) Castilla y León, faisg air na crìochan leis A' Phortagail, 171km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha, 655km bho Bharcelona agus 400km bho Shevilla.[2] Tha 154,462 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[3] an 44mh baile na dùthcha.[4] Chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an Salamanca ann an 1218, am fear as aosmhoire na Spàinne. Chaochail an Ceimigear Wendell Meredith Stanley an seo ann an 1971.
Salamaca
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Castilla y León | ||||
Sgìre | Salamanca | ||||
Co-chomharran | 40° 58′ 00 Tuath 05° 40′ 00 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 38.6 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 154,462 (2010) | ||||
Dlùths | 4,001.61/km² | ||||
Àireamh fòn | 034 923 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.salamanca.es |