Sòrbais Ìochdarach
From Wikipedia, the free encyclopedia
Is e cànan a tha anns an t-Sòrbais Ìochdarach (dolnoserbšćina, Beurla: Lower Sorbian). Buinnidh i don gheug Slàbhach den teaghlach Innd-Eòrpach. Tha an t-Sòrbais Iòcharach dlùth-chàirdeach don t-Sòrbais Uachdarach agus tha i faisg cuideachd air an t-Seacais, air an t-Slòbhacais agus air a’ Phòlais.
Sòrbais Ìochdarach (dolnoserbšćina) | ||
---|---|---|
Fuaimneachadh | [ˈdɔlnɔˌsɛrbʃtʃina] | |
Far a bheil i 'ga bruidhinn |
| |
Luchd-labhairt iomlan |
~ 6,670 [1] | |
Teaghlach-chànan | ||
Siostam-litreachaidh | Laideann | |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | a' Ghearmailt | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | - | |
ISO 639-2 | dsb | |
ISO 639-3 | dsb |
Cha b' e cànan leasaichte a bh' ann an Sòrbais Ìsosal ron 20mh linn agus cha deach tòrr leabhraichean fhoillseachadh rè nan linntean. Anns na seasgadan, bhathar ag iarraidh gràmar agus briathrachas a leasachadh ach gu mì-fhortanach cha robh tòrr dhaoine ann tuilleadh aig an robh Sòrbais Ìochdarach mar chànan màthaireil. Le sin chaidh an cànan a leasachadh le duine a tha air a' chànain ionnsachadh mar dàrna cànan. Às dèidh an dàrna cogaidh bha na daoine ag iarraidh gun deachadh crìoch a chur eadar Sòrbais Ìochdarach agus Sòrbais Uachdarach. Mar sin chaidh an stoidhle sgrìobhaidh Slàbhaich ath-bheòthachadh agus chaidh faclan den t-Sòrbais Uachdarach a chur às.
Anns a' Ghearmailt tha inbhe thèarainte is oifigeil aig Sòrbais Ìochdarach mar mhion-chànain[2].
Tha Sorbais Iosal ga bruidhinn ann am Brandenburg, gu h-àraid timcheall air a’ bhaile Cottbus. 'S teis-meadhan beatha cultarach a’ chànain seo a tha ann an Cottbus ann an earra-dheas Bhrandenburg. Thàinig an t-ainm Cottbus bhon fhacal Chóśebuz, tha e a' ciallachadh "taighean beaga brèagha". Chìthear sanasan rathaid dà-chànanach air feadh a' bhaile.