'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Uppsala län (IPA: /ˈɵpːˌsɑːla ˈlɛːn/; Suomais: Uppsalan lääni). Tha i na laighe ri eadar Loch Mälaren agus am Muir Baltach, ann am meadhan na dùthcha, gu deas air Gävleborgs län. 'S e Uppsala a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1634. Sìnidh Uppsala län fad 8,209km² agus tha 354,164 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 15mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an còigeamh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach ochd sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Uppsala nam measg.