Villavicencio
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e prìomh-bhaile na roinne Meta, ann an Coloimbia,[1] a th’ann Villavicencio [2]. Tha e suidhichte aig àirde dhe 467m os cionn ìre na mara 88km air falbh bho Bhogotá.[3] agus tha teodhachd meadhan dhe 27° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1840 anns an sgìre ris an canar Còmhnardan an Ear (Spàinntis: Llanos Orientales). Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air an àiteachas, gnìomhachas a’ chruidh agus na mèinnean. Tha cunntas-sluaigh dhe 380,222 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Villavicencio an 12na baile as motha na dùthcha.[5]
Villavicencio
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: |300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Meta | ||||
Sgìre | Llanos Orientales | ||||
Àirde | 467m | ||||
Co-chomharran | 04° 09' Tuath 73° 38' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,328 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 380,222 (2005) | ||||
Dlùths | 286.31/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a' Bhaile |